The Islands Book Trust

Urras Leabhraichean Nan Eilean

The Collection

AMASAN

Chaidh Urras nan Leabhraichean a chuir air chois ann an 2002 le dà phrìomh amas:

  1. Airson tuigse dhaoine air eachdraidh eileanan Alba, bho shealladh Cheilteach agus Lochlannach, a thoirt air adhart.
  2. Airson feartan eaconamach, sòisealta agus dualchasach a bhuileachadh air na h-eileanan.

NITHEAN ANNS AM BHEILEAR AN SÀS

Tha sinn air a bhith a’ cur nan amasan sin an gnìomh le bhith:

  • A’ cur air adhart òraidean agus cho-labhairtean. Mar eiseimpleir, co-labhairtean cudromach air Màrtainn Màrtainn, sealg eòin mhara, Hiort, agus Alasdair MacIlle Mhìcheil.
  • Tursan gu eileanan agus àitichean iomallach eile, mar na h-Eileanan Mòra, an Scarp, Pabaigh, Miughalaigh, agus Taobh a Deas na Pàirce an Leòdhas.
  • A’ foillseachadh leabhraichean agus nithean eile mu eileanan Alba, mar eiseimpleir leabhar Mhàrtainn Mhàrtainn mu na h-Eileanan an Iar, le deilbh agus notaichean, leabhar ùr, sònraichte mu Hiort, eachdraidh thaighean croite loma làn de dheilbh, cunntasan air na co-labhairtean againn, agus sreath de Notaichean nan Eilean.
  • A’ toirt taic do dh’fhoghlam agus rannsachadh mu eileanan Alba, ceangailte gu h-àraidh ris na tasglannan ris am bheil dlùth dhàimh againn: cruinneachadh Mhìcheal Robson ann am Port Nis, agus stòras Aonghais Mhicleòid ann an Cearsiadar, an Leòdhas.

AR FEALLSANACHD

Tha sinn a’ creids gu bheil tuigse ga àrdachadh le bhith a’ toirt gu chèile daoine às gach ceàrnaidh. Tha sinn ag amas air an sin tro na tachartasan againn, a’ toirt àite do bheachdan muinntir nan eilean còmhla ri beachdan sgoilearan agus fìor eòlaiachean bhon taobh a-muigh.
Tha sinn cuideachd den bheachd gum bheil e feumail a bhith a’ dèanamh rannsachaidh coimeasaich air eileanan eadardhealaichte, an Alba, an Eirinn agus anns na h-Eileanan Fàrach, agus an ceàrnaidhean eile den Roinn Eòrpa.
Ged a tha a’ chuid mhòr de na tachartasan againn air an cuairteachadh sa Bheurla, tha an t-Urras airson a bhith a’ misneachadh na Gàidhlig, agus tha tomhais mhath de stuthan Gàidhlig anns na tasglannan a th’ air an ainmeachadh gu h-àrd.
Tha amasan an Urrais agus nan Comunn Eachdraidh a’ neartachadh càch a chèile, agus tha sinn ag iarraidh a bhith ag obrachadh gu dlùth còmhla riutha.
Ged a tha ar dachaigh agus ar freumhaichean ann an Nis, an t-àite as fhaide tuath an Leòdhas, tha sinn a-nis a’ cur air adhart thachartasan air feadh nan Eilean Siar, agus tha dùil againn nithean a chur air adhart ann an àitichean eile cuideachd.

TUILLEADH FIOSRACHAIDH

Airson fiosrachadh fhaighinn mun Urras agus nan tachartasan againn, theirig gu www.theislandsbooktrust.com

BALLRACHD AN URRAIS

Ma thèid thu nad bhall den Urras, bidh tu a’ toirt taic shònraichte dhuinn a thaobh a bhith a’ coileanadh ar n-amasan adhartach. Tha a h-uile ball a’ faighinn cuairtlitrichean gu tric a tha a’ toirt seachad làn fhiosrachaidh mu na pròiseactan againn. Tha iad cuideachd a’ faighinn a-steach nas saoire chun nan tachartasan againn. Còmhla ri sin, tha na buill òir a’ faighinn an t-sreath, Notaichean nan Eilean, an asgaidh. Ma tha thu taiceil do ar n-amasan, thig còmhla rinn.




The Islands Book Trust
NEWS

MACLEAN PRESS  

The Book Trust is pleased to announce that it has purchased the Skye-based publishing company Maclean Press, including the stock of several important and attractive books on island themes which complement our own titles. We are offering many of these books, along with some of our own, at greatly reduced prices - for details see Publications - Special Prices   more

2008 EVENTS EXTRAVAGANZA FROM THE ISLANDS BOOK TRUST

 

This year’s programme of events organised by The Islands Book Trust is more than simply ‘bigger and better than ever before’ – it is a veritable extravaganza of over 20 talks, conferences, and visits to islands which should have something for everyone interested in the history of the Hebrides and further afield

Introducing the programme, Book Trust Chairman John Randall said:

 ‘We have tried to get a good blend of speakers from the islands and from the outside, from local communities and from the academic world. The subjects under discussion range from early Christianity in Ness to the Lewis Chemical Works. We have also aimed to combine old favourites, like visiting the spectacular Shiant Islands, with something new – and this year we hope to reach St Kilda, and the Monachs. We have particularly expanded our programme of events in Uist, and are holding another conference in Skye. Our events are open to everyone, but we would encourage as many people as possible to join the Book Trust – this entitles you to reductions at events, and also brings you a regular newsletter with full details and reports on all our events, publications, and other activities. We are not a learned society, but an inclusive organisation where everyone interested in the history of the islands will find a warm welcome.’

 

more

 

more...



The Islands Book Trust